Do Choire Sa

Drama goirid mun dàimh eadar màthair agus a nighean. Nuair a tha pàrantan Rosie a’ dealachadh tha i airson a’ choire a chur air a màthair leis gun do phut i a h-athair air falbh. Ach, chan eil tuigse cheart aice air na thachair eadar a h-athair ‘s a màthair...

Gaisgich Sònraichte nach eil cho Sònraichte

Fiolm goirid mu dheidhinn sgoil airson daoine òga le cumhachdan neo-nàdarra. Tha aca ri agallamhan a fhrithealadh agus tha a h-uile duine, a chuir a-steach airson na sgoile, a’ faighinn cothrom na cumhachdan neo-nàdarra aca a shealltainn. Am bi iad soirbheachail gus...

Bruidhinn Gàidhlig

Tha Bruidhinn Gàidhlig mu dheidhinn nighean òg nach bruidhinn Gàidhlig sa chlas agus tha i ann an trioblaid mhòr. Gheibh i litir dhachaigh gus a toirt do a màthair. Chì i postair a tha a’ sanasachd buidheann dràma Gàidhlig. Às dèidh dhi a dhol chun a’ bhuidheann tha i...

Dòchas

Sealladh de bheatha dhaoine òga agus iad a’ toirt seachad am beachdan air an t-saoghal mu thimcheall orra agus na tha romhpa anns an àm ri teachd. Tha am fiolm goirid seo ag innse, gu h-onarach, mu dheidhinn an acrais a tha air daoine òga nam beatha agus am miann a...

Ceum air ais agus ceum air adhart

Film goirid: a’ smaoineachadh air ais air turas na Gàidhlig. Tha Gàidhlig ann an staid èiginneach agus air an starsaich bho dhol à bith. Tha am film a’ toirt sùil gheur air cleachdadh làidir na cànain gu h-eachdraidheil agus an t-suidheachadh làidir a thathar an...