Goireasan taic airson
Bùthan-obrach agus geamaichean
Artair Donald
Halo agus fàilte chun a’ ghoireas ùr drama seo air bhideo. Tha an goireas seo a’ toirt sùil air geamaichean dràma agus structairean dràma a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh le tidsearan, duine sam bith a tha ag obair còmhla ri buidhnean òga neo buidhnean coimhearsnachd.
Cliog air a’ cheangal-lìn a leanas airson PDF a bheir fiosrachadh mu na ceithir leasanan Gàidhlig. Anns an fhiosrachadh seo, tha na leasanan air am mìneachadh gu mionaideach le bhideo a’ toirt taic do gach geama. Tha am fiosrachadh seo cuideachd a’ ceangal nan leasanan ri na builean airson Curriculum airson Sàr Mhathas.
Seisean 1
‘S e seisean dràma a tha seo a bhiodh freagarrach airson tidsear sam bith airson taic a thoirt do sgoilearan a bhith a’ fàs eòlach air a chèile agus an sgilean cànain a leasachadh. Tha na geamaichean sìmplidh agus an dèidh do na sgoilearan an ionnsachadh bhiodh e comasach dhaibh cuid de na geamaichean a chleachdadh aig àm sam bith, ’s dòcha aig toiseach leasain.
Seisean 1 : Ro-ràdh gu geamaichean dràma
Seisean 2
Cleachdaidh an leasan seo a’ Chiad Chogadh Mòr mar thèama airson sgrùdadh a dhèanamh air eachdraidh.
Seisean 3
Tha an leasan seo a’ toirt sùil air cleachdadh an eadar-lion agus na cunnartan a b’ urrainn a bhith co-cheangailte ri na meadhanan sòisealta.
Seisean 3 : Sàbhailteachd air-loidhne
Seisean 4
Tha an leasan seo a’ toirt sùil air slàinte agus biadh ann am beatha dhaoine òga.