Ro-ràdh gu geamaichean dràma
‘S e seisean dràma a tha seo a bhiodh freagarrach airson tidsear sam bith airson taic a thoirt do sgoilearan a bhith a’ fàs eòlach air a chèile agus an sgilean cànain a leasachadh. Tha na geamaichean sìmplidh agus an dèidh do na sgoilearan an ionnsachadh bhiodh e comasach dhaibh cuid de na geamaichean a chleachdadh aig àm sam bith, ’s dòcha aig toiseach leasain.